Cuimhneachan connspaideach?

Taibhsean na Gorta Mòire air bruach Abhainn Life ann am Baile Àtha Cliath: thathar an dùil gum bi baile Ghlaschu a togail cuartan, no maze, anns an aon adhbharTaibhsean na Gorta Mòire air bruach Abhainn Life ann am Baile Àtha Cliath: thathar an dùil gum bi baile Ghlaschu a togail cuartan, no maze, anns an aon adhbhar
Taibhsean na Gorta Mòire air bruach Abhainn Life ann am Baile Àtha Cliath: thathar an dùil gum bi baile Ghlaschu a togail cuartan, no maze, anns an aon adhbhar
THATHAR ag ràdh, aig àirde na Gorta Mòire, gun robh soithichean nan Èireannach ri’m faicinn a’ sìneadh ’nan sreath bho Chreag Ealasaid gu cladach Alba.

Bha iad a’ teicheadh ’nam mìltean. Lìon iad, an sluagh as bochda anns an Roinn Eòrpa, bailtean air feadh ceann a-deas Alba. Thuit cunn­tas-sluaigh Èirinn o ochd gu sia millean, leth dhiubh a’ bàsachadh agus a’ chuid eile a’ fàgail.

Tha a’ Ghort air aon de na tachartasan as connspaidiche ann an eachdraidh na h-Ìmpir­eachd. On tha Alba nas lugha na Sasainn, Ameireaga no gin de na dùthchannan eile san d’fhuair na h-Èireannaich cobhair, bu mhòr an lorg-coise a dh’fhàg iad oirre, ’s gu h-àraidh air Glaschu. B’e seo an t-atharrachadh sòisealta ’s cultarach as motha a thàinig air dàrna baile na h-Ìmpireachd bho linn an Ath-Leasachaidh.

Hide Ad

Mòr ’s gu bheil e, tha Glaschu, eu-coltach ri Boston, Sidni no Liverpool, gun ìomhaigh chloiche no fiù plàc gus cuimhne a chum­ail air buaidh na Gorta Mòire air a’ bhaile. Tha atharrachadh air fàire, ge-tà. Tha Fearghal Ó Daltúin á Baile Átha Cliath, a tha ’na chomhairliche Nàiseantach ann an Glaschu, aig cridhe oidh­irp gus cuimhneachan a thogail. “Is dòcha gum bi e nas cudrom­aiche do shliochd muinntir na Gorta ann an Glaschu na do mo leithid-sa aig a bheil sinnsirean a dh’fhuirich ann an Èirinn, ach nuair a thog mi an cuspair le co-obraichean sa phàrtaidh, thug iad taic gun dàil. Thuirt mòran gun robh e ’na iongnadh nach deach a dhèanamh roimhe. Thug na Làbaraich agus pàrt­aidh­ean eile taic aon-ghuthach.”

Còmhla ris na h-Èireannaich, ge-tà, thàinig còmhstri mhair­eannach. Thill an lus a chuir Rìgh Seumas VI ann an Ulaidh gu sràid­ean na Galldachd mar phuinn­sean nas seasmhaiche na galar a’ bhuntàta. Togaidh dalm-bheachd a cheann, agus bidh aig na h-ùghdarrasan ri dèiligeadh ris an aineolas agus ris a’ mhì-thuigse a th’ air cùl iomadh beachd Albannaich air poileataigs agus each­draidh na h-Èireann. ’S dòcha, ge-tà, gur e cothrom foghlaim a bhios ann.

Gu ìre mhòr, b’e clas-sòisealta ’s cha b’e creideamh am factar as cudromaiche ri linn na Gorta: dh’fhuiling Pròstanaich bhochda a-cheart cho mòr ri Caitligich, agus de na thàinig thar Sruth na Maoile, tha cuid a’ tuairmse gun robh eadar cairteal agus leth ’nam Pròstanaich. Ach tha feadh­ainn ann fhathast a tha creidsinn gun do chinn am buntàta slàn fallain air fearann Pròstanach ’s gun robh an galar ’na mhallachd o Dhia air na Pàpanaich. Tha cunnart ann cuideachd gun dean buidhnean Poblachdach feum den chuimhneachan mar naomh-chiste dhaib’ fhèin gus na h-am­asan acasan a chur air adhart.

Tha e den phrìomh chudrom, ma-thà, gun dèan na h-ùghdarr­asan soilleir, tro fhoghlam ’s tro in-ghabhaltachd aig gach ìre de leasachadh a’ phròiseict, gum b’ann air a h-uile ceàrn de dh’Èir­inn a bhuail a’ Ghort, ’s gur ann do shliochd dà thaobh na beàrn phoileataigich agus chultaraich a tha an cuimhneachan. A dh’ain­deoin nan cunnartan follaiseach, tha Fearghal Ó Daltúin, a tha a’ riochdachadh Partaig an-Iar far a bheil e a’ fuireach le a bhean ’s an triùir chloinne, daingeann ’na bheachd gu bheil a leithid de dhaoine ’s de bheachdan ’nam beag-chuid. “Chan eil ùidh agam sna gamhlasan aig eileamaidean fad ás de luchd taice ball-coise. Ged a dh’fheuchas iadsan ri droch fheum a dheanamh den chuimhneachan cha bhi buaidh aige sin air muinntir chumanta Ghlaschu neo air fìor luchd leantainn ball-coise.”

Se aon de na leasachaidhean as cudromaiche gu ruige seo gu bheil Seanadh Luchd-Taic Rangers, an Rangers Supporters’ Ass­embly, air an dà chuid taic oif­igeil agus airgead a thoirt don phròiseact. Ged nach eil iad uile toilichte, tha seo ’na cheum mòr gus stad a chur air an t-seòrs’ aineolais ás an tàinig a’ Famine Song, agus ’s dòcha gum bi e ’na bhrosnachadh dhaibhsan aig a bheil ceanglaichean ri coimhearsnachd Dhìlseach Èirinn a-Tuath sùil na bu ghèire a thoirt air eachdraidh Ulaidh.

Tha planaichean ann cuid­eachd son buaidh galair a’ bhun­tàta air Gaidhealtachd na h-Alba a chomharradh air a’ chuimhn­eachan. Ach on a bha an Riagh­altas, na h-eaglaisean ’s na buidhnean carthannais na bu deòn­aiche taic a thoirt don Ghaidh­ealtachd na do dh’Èirinn, sheachainn i, mar a sheachainn an Eòrpa air fad, a’ mhòr­chuid de na h-uabhasan. Tha a’ Ghort Mhòr ’s na h-adhbharan a bh’ air a cùl fhathast ’nan lot domhainn a tha a’ ruith tro bheul-aithris theaghlaichean Èir­eannach air feadh an t-saoghail, rud nach eil fìor mu theaghl­aichean Gaidhealach, a tha a’ glèidheadh àite sònraichte dhan chaora mhòir agus dhan chìobair Ghallda.

Hide Ad

Tha e ceart buaidh nan Gaidh­eal air Glaschu a chuimhneachadh, ach cha b’ ionnan dualchas Ghaidheal Èirinn agus Alba sa bhaile mhòr no sna sgìrean ás an tàinig iad, gu dearbh chan eil coimeas idir air mar a bhuail a’ Ghort air na sgìrean seo – b’ann nas miosa buileach a bha cùisean an Èirinn. Ged nach eil Ó Daltúin ag aontachadh, dh’fhaodte gum bi iomradh air Albann­aich air clach no clachan a thèid a thogail mar chuimhne air tachartas a tha gu sònraichte ceang­ailte ri Èirinn air fhaicinn ’na ghèilleadh do luchd a’ ghràin-chinnidh nach toireadh meas do dh’fhulang na h-Èireann no a sluaigh.

Tha planaichean aig ìre thràth an-dràsta, ach tha e coltach gun gabh an cuimhneachan cruth cuartain neo maze chloiche faisg air Lùchairt an t-Sluaigh. Ge b’e dè an coltas a bhios air, bidh e ’na cheum mòr air adhart ann an leasachadh a’ bhaile. Ged a bha còmhstri agus beachdan dùbh­lanach on dà chuid cùbaidean agus pàipearan-naidheachd an aghaidh in-imrich feumar cuimh­neachadh gun deach na mìltean a shàbhaladh le carthannas agus daonnachd muinntir Ghlaschu, ’s ás an aonais cha bhiodh iom­adh neach a tha ’nar measg beò an-diugh. “Sann do na h-uile ann an Glaschu a bhios an cuimhneachan seo, ’s tha mi faireachd­ainn gu mòr mar fhear a mhuinn­tir Ghlaschu,” thuirt Ó Daltúin.

’S math gu bheil am baile fhathast a’ cur fàilt’ air a leithid.